Election 2021

The Scottish Parliament is in recess ahead of the election on 6 May.

Because of Covid-19, there are some changes to how the Parliament prepares for the election.

Find out more in our Election 2021 pages

Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Prìobhaideachd

Is e seo an aithris phrìobhaideachd aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB).  Feumaidh sinn cumail ri laghan dìon dàta nuair a bhios sinn a’ tional agus a’ làimhseachadh dàta pearsanta.  Nuair a bhios iad a’ làimhseachadh dàta pearsanta bidh an SPCB a’ gèilleadh ris an Riaghladh Dìon Dàta Coitcheann agus Achd Dìon Dàta na RA 2018.

Tha sinn a’ meas riatanasan dìon dàta air leth cudromach gus dìon a dhèanamh air còirichean agus saorsa ‘cuspairean dàta’ (na daoine fa leth air am bi sinn a’ tional agus a’ cumail dàta pearsanta).  

Tuilleadh air dìon dàta ann am Pàrlamaid na h-Alba 

Faodaidh cuid den chànan a thèid a chleachdadh ann an sanasan prìobhaideachd a bhith sònraichte.  Tha làrach-lìn Coimiseanair an Fhiosrachaidh a’ toirt seachad ro-ràdh feumail mu phrìomh theirmean agus bhun-bheachdan.


Mu dheidhinn dàta pearsanta 

Tha dàta pearsanta a’ ciallachadh fiosrachadh co-cheangailte ri neach fa leth tro an gabhadh iad aithneachadh gu dìreach no gu neo-dhìreach.

Bidh an SPCB a’ tional agus a’ làimhseachadh dàta pearsanta gus na gnìomhan farsaing a leanas aig Pàrlamaid na h-Alba a choileanadh:

  • Gnìomhan pàrlamaideach
  • Foghlam is ionnsachadh
  • Solar
  • Seirbheisean laghail a’ toirt a-steach comhairle laghail don SPCB agus BPA
  • Ceadachd agus clàradh a’ toirt a-steach clàradh Com-pàirt Bhall
  • Taic agus stiùireadh luchd-obrach
  • Conaltradh agus com-pàirteachadh
  • Clàran ionmhais
  • Stiùireadh agus riaghladh fiosrachaidh
  • Riaghladh togalach agus fearann Pàrlamaid na h-Alba aig Taigh an Ròid
  • Tèarainteachd, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur casg air eucoir

Seòrsaichean dàta pearsanta

Tha na seòrsaichean dàta pearsanta a tha SPCB a’ pròiseasadh a’ gabhail a-steach dàta pearsanta àbhaisteach agus dàta pearsanta sònraichte

Tha dàta pearsanta sònraichte a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu:

  • cinneadh neach
  • tùs eitnigeach
  • beachdan poilitigeach no creideimh
  • gnìomhachd feise no taobhadh feise
  • ballrachd aonaidhean ciùird
  • slàinte bodhaige no inntinn
  • dàta ginteil no beò-meatrach 

Tha an SPCB a’ gabhail os làimh a bhith a’ làimhseachadh an t-seòrsa dàta pearsanta seo a rèir gach lagh dìon dàta ann an dòigh a tha a’ nochdadh gu bheil cunnart nas motha ann do dhaoine fa-leth nuair a thèid dàta pearsanta sònraichte a làimhseachadh.

Sanasan prìobhaideachd fa leth

Bidh an SPCB a’ làimhseachadh mòran diofar sheòrsaichean dàta pearsanta gus raon farsaing de ghnìomhachd a choileanadh. Gus a bhith soilleir mu mion-fhiosrachadh raointean sònraichte de phròiseasadh dàta pearsanta tha sinn air sreath de shanasan prìobhaideachd fa leth a chruthachadh gus cunntas a thoirt agus mìneachadh a dhèanamh air mar a thèid dàta pearsanta a chruinneachadh agus a làimhseachadh ann an suidheachaidhean sònraichte.

Tùsan dàta pearsanta

Nuair a bhios an SPCB a’ tional dàta pearsanta bheir sinn fiosrachadh an-còmhnaidh mu thùs an dàta phearsanta agus mìnichidh sinn na h-adhbharan a tha sinn ga phròiseasadh.

Bunait laghail airson a bhith a’ pròiseasadh dàta pearsanta

Feumaidh an SPCB a’ bhunait laghail innse agus a mhìneachadh airson a bhith a’ tional agus a’ làimhseachadh dàta pearsanta agus tha mion-fhiosrachadh mu dheidhinn seo air a thoirt seachad anns gach sanas prìobhaideachd fa leth againn.  Tha a’ bhunait laghail airson a bhith a’ tional agus a’ stòradh dàta pearsanta an urra ris an t-seòrsa dàta phearsanta a thathar a’ pròiseasadh agus na h-adhbharan airson a bhith ga chruinneachadh agus ga làimhseachadh. Aig amannan faodaidh barrachd air aon bhunait laghail a bhith ann airson a bhith a’ pròiseasadh dàta pearsanta agus ma thachras sin thèid a mhìneachadh gu soilleir anns an t-sanas prìobhaideachd fa leth far a bheil e a’ buntainn.

A’ roinn dàta pearsanta

Ma roinneas an SPCB dàta pearsanta sam bith gus na gnìomhan aca a choileanadh, thèid na h-adhbharan airson seo a mhìneachadh anns na sanasan prìobhaideachd co-cheangailte riutha ann an dòigh a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.

A’ cumail dàta pearsanta

Cha chùm an SPCB dàta pearsanta ach airson ùine shònraichte gus na gnìomhan sònraichte a tha air am mìneachadh ann an sanas prìobhaideachd fa leth a choileanadh.  Tha riatanasan laghail no riatanasan eile aig an SPCB a thaobh fiosrachadh a chumail airson ùine shònraichte agus tha seo air a mhìneachadh ann an sanasan prìobhaideachd fa leth. Cha chùm an SPCB fiosrachadh airson ùine a tha nas fhaide na an t-adhbhar a tha an dàta pearsanta air a chruinneachadh no air a làimhseachadh.  Mura h-eil e comasach ùine shònraichte innse, thèid an t-adhbhar airson seo a mhìneachadh anns an t-sanas prìobhaideachd fa leth.

Tèarainteachd fiosrachaidh

Tha an SPCB a’ meas tèarainteachd dàta pearsanta air leth cudromach agus a’ cur an gnìomh ceumannan teicnigeach teanna agus eagrachadh eile gus dàta pearsanta a dhìon. Tha tuilleadh fiosrachaidh co-rèireach mu dheidhinn seo air a mhìneachadh ann an sanasan prìobhaideachd fa leth.  

A’ cleachdadh na làraich-lìn againn

Bidh an SPCB a’ cleachdadh chriomagan gus fiosrachadh a chruinneachadh mu mar a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh ar làraich-lìn gus ar cuideachadh le bhith a’ leasachadh mar a tha e ag obair, agus gus a dhèanamh nas fhasa do luchd-tadhail an làrach-lìn againn a chleachdadh le bhith a’ lìbhrigeadh dhuilleagan nas luaithe no a’ cuimhneachadh seatadh luchd-cleachdaidh. A bharrachd air sin, faodaidh bhideothan air an làraich-lìn criomagan a chleachdadh le solaraichean treas-phàrtaidh leithid YouTube.

Tha am fiosrachadh a chruinnicheas sinn gun urra – chan urrainnear a chleachdadh gus d’ aithneachadh gu pearsanta. Tha tuilleadh fiosrachaidh mun dòigh anns am bi sinn a’ cleachdadh chriomagan agus mar as urrainn dhut do bhrobhsair a chur an sàs gus smachd a chumail air criomagan ri fhaighinn anns a’ phoileasaidh chriomagan againn.

Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) (2002)

Thoiribh fa-near: Tha Pàrlamaid na h-Alba ga riaghladh leis an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002. Tha an Achd ag iarraidh oirnn fiosrachadh a tha sinn a’ cumail a shealltainn don neach-tagraidh mura h-eil cead-saoraidh againn a chumail air ais. Tha seo a’ toirt a-steach dàta pearsanta a tha sinn a’ cumail. Ma tha an t-iarrtas a’ còmhdach dàta pearsanta, feumar beachdachadh air leas cuspair an dàta ach aig a’ cheann thall, dh’fhaodadh gum feum sinn, fon lagh, am fiosrachadh a sgaoileadh chun neach a rinn an t-iarrtas.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002, tadhail air làrach-lìn Oifis Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba.

Sàbhailteachd chloinne agus dhaoine òga agus dìon chloinne

A rèir nam prionnsapalan a tha mar bhunait ris an Stiùireadh Nàiseanta airson Dìon Chloinne ann an Alba (2014), a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba, faodaidh ar luchd-obrach dragh a nochdadh do na h-ùghdarrasan iomchaidh ma thig iad tarsainn air cùis rè an cuid obrach a bheir orra smaoineachadh gum faodadh leanabh a bhith ann an cunnart droch dhìol no cron.   

Do chòraichean

Tha an GDPR a’ mìneachadh nan còraichean a th’ aig daoine fa leth a thaobh fiosrachadh pearsanta a tha air a chumail mun deidhinn le rianadairean dàta. Tha na còraichean sin air an liostadh gu h-ìosal, ged a dh’fhaodadh gum bi comas gach aon de na còraichean sin a chleachdadh ann an cùis shònraichte an urra ris an adhbhar airson a bheil an rianadair dàta a’ pròiseasadh an dàta agus a’ bhunait laghail air a bheil pròiseasadh a’ tachairt (faic na sanasan prìobhaideachd fa leth airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh gnìomhan pròiseasaidh sònraichte).

Cothrom air an fhiosrachadh agad

Tha a’ chòir agad lethbhreac den fhiosrachadh pearsanta a tha sinn a’ cumail mud dheidhinn iarraidh.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, thoir sùil air an duilleag againn air Dèanamh Iarrtas airson Cothrom air an Fhiosrachadh Phearsanta agad.

A’ ceartachadh mhearachdan nad fhiosrachadh 

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh pearsanta agad ceart, coileanta agus cho ùr ’s a ghabhas, agus mura h-eil, faodaidh tu iarraidh oirnn a cheartachadh.

Sguabadh às an fhiosrachaidh agad

Tha a’ chòir agad iarraidh oirnn fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn a sguabadh às ma:

  • Tha thu den bheachd nach fheum sinn am fiosrachadh tuilleadh airson nan adhbharan a fhuaras e sa chiad àite.
  • Tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh sin le do chead agus tha thu air do chead a tharraing air ais – faic A’ tarraing air ais cead am fiosrachadh agad a chleachdadh, gu h-ìosal
  • Tha thu air gearan gu dligheach a thaobh d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh – faic ‘A’ gearan mu mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad’ gu h-ìosal
  • Tha mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta agad an aghaidh an lagh no na dleastanasan laghail eile againn

A’ gearan mu mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad

Tha a’ chòir agad aig àm sam bith iarraidh oirnn sgur a bhith a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta agad airson adhbharan margaidheachd dhìreach. A bharrachd air sin, far am bi sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta agad gus gnìomhan a choileanadh airson math a’ phobaill, ma dh’iarras tu oirnn, sguiridh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta sin mura h-eil adhbharan dligheach cudromach ann airson leantainn air adhart. 

A’ cuingealachadh mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad

Ann an cuid de chùisean, faodaidh tu iarraidh oirnn cuingealachadh a dhèanamh air mar a chleachdas sinn am fiosrachadh pearsanta agad. Faodaidh a’ chòir buntainn, mar eisimpleir, far a bheil sinn a’ sgrùdadh dè cho ceart ’s a tha fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn a tha sinn a’ cumail, no a’ meas dligheachd gearan sam bith a rinn thu a thaobh d’ fhiosrachadh a chleachdadh.

Faodaidh a’ chòir buntainn cuideachd far nach eil seo na bhunait tuilleadh airson a bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta ach nach eil thu airson gun cuir sinn às don dàta. Far a bheil a’ chòir seo air a chleachdadh gu dligheach, chan fhaod sinn am fiosrachadh pearsanta buntainneach a chleachdadh ach le do chead, airson tagraidhean laghail no far a bheil adhbharan leas poblach eile ann airson sin a dhèanamh.

Co-dhùnaidhean fèin-obrachail

Ma chleachdas sinn am fiosrachadh pearsanta agad gu fèin-obrachail gus co-dhùnaidhean a dhèanamh a bheir buaidh mhòr ort, tha còir agad iarraidh gun tèid an co-dhùnadh ath-sgrùdadh le neach ris am faod thu tagradh a dhèanamh agus an co-dhùnadh a cheasnachadh. Chan eil a’ chòir seo a’ buntainn ach nuair a chleachdas sinn am fiosrachadh agad le do chead no mar phàirt de dhàimh chùmhnantail leat. 

A’ tarraing air ais cead a bhith a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad

Far am bi sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta le do chead faodaidh tu an cead sin a tharraing air ais aig àm sam bith agus sguiridh sinn de bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachaidh phearsanta airson an adhbhair/adhbharan a chaidh cead a thoirt seachad.

Feuch an cuir thu fios thugainn ann an gin de na dòighean a tha air am mìneachadh anns an earrainn ‘Fiosrachadh Conaltraidh agus Tuilleadh Comhairle’ ma tha thu airson gin de na còraichean sin a chleachdadh.

Ath-bhreithneachadh Sanasan Prìobhaideachd

Bidh an SPCB a’ dèanamh ath-bhreithneachadh gu cunbhalach air gach sanas prìobhaideachd agus ag amas air seo a dhèanamh gach 12 mìosan.  Tha an ceann-latha nuair a chaidh gach sanas prìobhaideachd ùrachadh mu dheireadh ri lorg anns gach sanas.  Gheibhear lethbhreacan pàipeir de shanasan prìobhaideachd a’ cleachdadh an fhiosrachadh conaltraidh gu h-ìosal.

Chaidh an sanas prìobhaideachd seo ùrachadh mu dheireadh air 10 Samhain 2020.

Fiosrachadh conaltraidh agus tuilleadh comhairle

Ma tha ceist sam bith eile agad mun dòigh anns am bi sinn a’ pròiseasadh dàta pearsanta, no mu mar as urrainn dhut do chòraichean a chleachdadh, cuir fios chun Cheannard Riaghladh

Fiosrachaidh aig:
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Fòn: 0131 348 6913 (Cuiridh sinn fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.)

Post-d: dataprotection@parliament.scot

Tha fàilte ro phost-d sa Ghàidhlig.

Gearanan

Bidh sinn a’ feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air a h-uile gearan mu mar a làimhsicheas sinn fiosrachadh pearsanta ach tha còir agad cuideachd gearan a chur a-steach gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh air-loidhne aig: https://ico.org.uk/make-a-complaint. No air a’ fòn aig: 0303 123 1113 
 

Share this page