13 June 2025
Tha a’ Chomataidh Chùisean Dùthchail is Eileanan ann an Taigh an Ròid air gairm bheachdan a chur air bhog an-diugh ag iarraidh air daoine le eòlas air roinn na croitearachd am beachdan a thoirt seachad air na molaidhean a thathar a’ cur an cèill ann am Bile Croitearachd is Cùirt Fearainn na h-Alba.
Tha Riaghaltas na h-Alba an geall air lagh croitearachd a dhèanamh nas sìmplidhe. Bidh a’ chiad phasgan de reachdas ag iarraidh air “neo-riaghailteachdan aithnichte a chur ceart” san reachdas a th’ ann an-dràsta. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag aithneachadh gum feum còmhradh tachairt san àm ri teachd gus beachdachadh air atharrachaidhean nas bunaitiche a dh’fhaodas a bhith a dhìth.
Bidh a’ chiad phasgan de reachdas ag amas air:
Bidh am Bile cuideachd a’ co-aonachadh Cùirt Fearainn na h-Alba agus Tribiunal Fearainn na h-Alba.
A’ cur na gairm bheachdan air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Finlay Carson BPA:
“Tha Riaghaltas na h-Alba soilleir, ged a dh’fhaodas ath-leasachadh nas bunaitiche a bhith a dhìth air reachdas croitearachd san àm ri teachd, gum bi am Bile seo, aig a bheil fòcas nas teinne, “a’ ceartachadh neo-riaghailteachdan aithnichte” ann an reachdas croitearachd.
“Bidh an rannsachadh againn a’ toirt sùil air na ceartachaidhean seo a thathar a’ moladh, agus tha sinn ag iarraidh oirbh ur beachdan a thoirt seachad a thaobh am bi iad a’ dèiligeadh ri cuid de na duilgheadasan làithreach ann an lagh croitearachd. Am bi na molaidhean a’ fuasgladh nan duilgheadasan air a bheil iad ag amas? Dè na h-atharrachaidhean eile a dh’fheumar nach eilear a’ gabhail a-steach? Agus am bi co-aonachadh Cùirt Fearainn na h-Alba agus Tribiunal Fearainn na h-Alba a’ toirt gu buil atharrachadh deimhinneach agus riatanach?”
Tha a’ Chomataidh an dùil a bhith a’ gabhail fianais fhoirmeil air a’ Bhile aig Taigh an Ròid bhon t-Sultain gus an t-Samhain, le aithisg don Phàrlamaid ga sùileachadh ro dheireadh na bliadhna.
Tha Buill cuideachd an dòchas a bhith a’ tadhal air coimhearsnachd croitearachd mar phàirt den sgrùdadh aca, gus faighneachd de chroitearan mar a bhios molaidhean a’ Bhile a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan croitearachd.
Tha a’ ghairm bheachdan fosgailte gus Dihaoine 5 Sultain 2025 agus faodar cothrom fhaighinn air an seo.
Chaidh am Bile a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 2 Ògmhios 2025. Tha am Bile agus pàipearan co-cheangailte rim faotainn an seo.
Tha am Bile air a roinn ann an dà phàirt.
Pàirt 1: tha seo ag amas air reachdas a dhèanamh nas sìmplidhe gus nach bi riaghailtean croitearachd cho trom. Tha e cuideachd ag amas air dreuchd nan comataidhean ionaltraidh a neartachadh ann a bhith a’ co-phàirteachadh fearann coitcheann agus a’ toirt guth nas motha do thuathanaich, agus do na coimhearsnachdan aca, air mar a thathar a’ cleachdadh an fhearainn air a bheil iad ag obair.
Pàirt 2: tha seo ag amas air aon bhuidheann a chruthachadh le bhith a’ toirt ri chèile Cùirt Fearann na h-Alba agus Tribiunal Fearann na h-Alba.